Gàidhlig (gu tric "A' Ghàidhlig") : Pàirt den teaghlach de chànain Ceilteach 'Goidelic' a th'anns a' Gàidhlig. Tha Goideleach a' gabhail a-steach na cànain Gaidhealach gu leir ; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Eireann no Gaeilge, agus Gàidhlig Eilean Mhanainn no Gaelg Vanninagh agus gu dearbh chan eil anns am facal "Goideleach" ach sean fhacal a tha a ciallachadh "Gaidhealach". Tha a h-uile cànan Gaidhealach air fàs bho'n sean Ghàidhlig a bha air sinnsearan a bruidhean 'o chionn coir is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is tric 'sa Bheurla ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimseach. Ann an Alba mar is àbhaist 's e "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain a' bhios daoine ag èigheach air an cànan. Air taobh a-muigh Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh a'Ghàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ceangal an dàra facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhidh ciallachadh a'Bheurla Ghallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans" is "Doric" 'sa chàinnt fhèin.
'Se a'Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingean aige ris a'Ghaeilge a tha air a bhruidhinn ann an Eirinn. 'S e cànan eachdraidheal a'chuid mhòr de dh'Alba a th'anns a'Ghàidhlig agus s'ann airson na sean Ghàidheil, a bha ainmichte mar "Scotti" le na Goill ann an Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar Scotia no Scotland anns na cànain Gallda. Chan eil cinnteas ann mu dè cho fada 'sa tha eachdraidh a'Ghàidhlig ann an Breatainn a tuath ach tha feadhainn air an smuain a'chuir air adhart gun robh ì air a bhruidhinn anns an Earra-Ghaidheal robh tighean nan Ròmanaich ach chan eil co-aonta ann air an cuspair seo. Co-dhiù, le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm an 4mh linn, a deanamh ceangal eadar an sean roinn de dh'Ullaidh ann an taobh a tuath Eirinn agus taobh a siar Alba dh'fhàs cùmhachd agus sgaoil a'Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an eaglais Gaidhealach air an cànan sineadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a sealltainn gu robh a'Ghàidhlig air a bruidhinn anns an Gall-Ghàidhealaibh mu'n 5mh no 6mh linn.
More on [ Gàidhlig ]

Am Bodach-Sneachda - Dàn air aithris le nighean à Bunsgoil Scalpaigh
Òrainn chloinne - bhon Stòrdàta Fiosrachaidh
Bith Beò - Fiosrachadh mu dhreuchdan sa Ghàidhlig
Sgleog - Làrach-lìn airson clann is deugairean
| Murali, Heera, and Director Kadhir come out fabulous too. ... Tamil Idhayam Maestro Illayaraja Ilayaraja Ilaiyaraaja ... | |
| Next Video | |